Genesis 35
35
1Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair.
2Agus thubhairt Iàcob ra theaghlach, agus riùsan uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na diathan coimheach a tha nur measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh ur n‑aodach:
3Agus èireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus nì mise an sin altair do Dhia, a dh’èisd rium ann an là mo chruaidh-chàis, agus a bha maille rium anns an t‑slighe air an deachaidh mi.
4Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas-fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.
5Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.
6Mar sin thàinig Iàcob gu Luds, a tha ann an tìr Chanàain, eadhon Betel, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris.
7Agus thog e an sin altair, agus thug e El‑betel mar ainm air an àite; do bhrìgh ann an sin gun d’fhoillsich Dia e fhèin dha, nuair a theich e o ghnùis a bhràthar.
8Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon-bacut mar ainm air.
9Agus dh’fhoillsich Dia e fhèin do Iàcob a‑rìs, nuair a thàinig e à Padan-àram; agus bheannaich e e.
10Agus thubhairt Dia ris, Is e Iàcob as ainm dhut; cha ghoirear Iàcob dhìot nas mò, ach is e Israel a bhios na ainm ort: agus thug e Israel mar ainm air.
11Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.
12Agus am fearann a thug mi do Abrahàm agus do Isaac, dhutsa bheir mi e; agus dod shliochd ad dhèidh bheir mi am fearann.
13Agus chaidh Dia suas uaithe anns an àit anns an do labhair e ris.
14Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e ola air.
15Agus thug Iàcob Betel mar ainm air an àite far an do labhair Dia ris.
16Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.
17Agus nuair a bha i ann an cruaidh shaothair, an sin thubhairt a’ bhean-ghlùine rithe, Na biodh eagal ort, oir bidh am mac seo agad cuideachd.
18Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben-oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin.
19Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem.
20Agus chuir Iàcob suas carragh air a h‑uaigh: is e seo carragh uaigh Racheil gus an là‑an‑diugh.
21Agus ghabh Israel a thuras, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall de thùr Edeir.
22Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:
23Mic Lèah: Reuben ciad-ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;
24Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin;
25Agus mic Bhilhah, banoglach Racheil: Dan agus Naphtali:
26Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan-àram.
27Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt.
28Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir-fichead.
29Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir fhèin, agus e na sheann duine agus làn de làithean. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iàcob e.
Currently Selected:
Genesis 35: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017