YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 16:27-28

Gnìomharan 16:27-28 ABG1992

Agus air do fhear-coimhead a’ phrìosain dùsgadh à cadal, agus air faicinn dorsan a’ phrìosain fosgailte, tharraing e a chlaidheamh, air tì e fhèin a mharbhadh, a’ saoilsinn gu robh na prìosanaich air teicheadh. Ach ghlaodh Pòl le guth àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam bith ort fhèin; oir tha sinn uile an seo.