1
N. Matu 18:20
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Oir far a bheil dithis no triuir cruinn am ainmse, tha mise an sin ʼnam miadhon.
Compare
Explore N. Matu 18:20
2
N. Matu 18:19
A rithist tha mi g-radh ribh, ma chordas dithis agaibh air talamh mu dheidhinn ni air bith a dhʼiarras iad, gun toirear dhaibh e le mʼAthair a tha air neamh.
Explore N. Matu 18:19
3
N. Matu 18:2-3
Agus Iosa a gairm leinibh bhig ga ionnsuidh, chuir e ʼnam miadhon e. Agus thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: mur tionndaidh sibh, ʼs mur fàs sibh mar leanabain, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais.
Explore N. Matu 18:2-3
4
N. Matu 18:4
Co sam bith ma ta, a dhʼislicheas e fhein mar an leanabh so, se is mua ann an rioghachd fhlathanais.
Explore N. Matu 18:4
5
N. Matu 18:5
Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa.
Explore N. Matu 18:5
6
N. Matu 18:18
Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ge bʼe ni a cheanglas sibh air talamh, bithidh e ceangailte air neamh; agus ge bʼe ni a dhʼ fhuasglas sibh air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh.
Explore N. Matu 18:18
7
N. Matu 18:35
Is amhuil a ni mʼAthair neamhaidh ribhse, mur math gach aon agaibh dha bhrathair bho ʼr cridheachan.
Explore N. Matu 18:35
8
N. Matu 18:6
Ach an neach a bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach-mhuilinn a bhith crochte mu ʼamhaich, ʼsa bhith air a bhathadh an doimhne na fairge.
Explore N. Matu 18:6
9
N. Matu 18:12
Ciod e ur barail? ma bhios ciad caora aig duine, ʼs gun teid h-aon diu air seachran; nach fag e an ceithir-fichead us naoi-diag air na beanntan, agus nach teid e shireadh na té a chaidh air seachran?
Explore N. Matu 18:12
Home
Bible
Plans
Videos