1
N. Eoin 10:10
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Cha tig am meirleach ach gu goid, ʼs gu marbhadh, ʼs gu sgriosadh. Thainig mise gu beatha a bhith aca, ʼsa bhith aca nas lan phailte.
Compare
Explore N. Eoin 10:10
2
N. Eoin 10:11
Is mise am buachaill math. Bheir am buachaill math a bheatha air son a chaorach.
Explore N. Eoin 10:11
3
N. Eoin 10:27
Tha mo chaoraich-sa g-eisdeachd ri mo ghuth; agus is aithne dhomh iad, ʼs tha iad gam leantuinn
Explore N. Eoin 10:27
4
N. Eoin 10:28
Us tha mi toirt na beatha siorruidh dhaibh; ʼs cha teid iad a chaoidh a dhith, agus cha spion neach air bith as mo laimh iad.
Explore N. Eoin 10:28
5
N. Eoin 10:9
Is mise an dorus. Ma theid neach air bith stigh tromhamsa, bithidh e sabhailte: us theid e stigh agus a mach, agus gheobh e ionaltradh.
Explore N. Eoin 10:9
6
N. Eoin 10:14
Is mise am buachaill math: is aithne dhomh mo chaoraich, agus is aithne dha mo chaoraich mi.
Explore N. Eoin 10:14
7
N. Eoin 10:29-30
Tha na thug mʼ Athair dhomh nas mua na h-uile ni; ʼs cha n-urrainn do neach air bith an spionadh á laimh mʼ Athar. Is aon mise agus an t-Athair.
Explore N. Eoin 10:29-30
8
N. Eoin 10:15
Mar is aithne dha ʼn Athair mise, mar sin is aithne dhomhsʼ an t-Athair; agus tha mi leigeil sios mo bheatha air son mo chaorach.
Explore N. Eoin 10:15
9
N. Eoin 10:18
Cha n-eil duine air bith ga toirt bhuam: ach tha mi ga leigeil sios bhuam fhein, agus tha comas agam a leigeil sios; agus tha comas agam a glacail a rithist: an fhainte so fhuair mi bho mʼAthair.
Explore N. Eoin 10:18
10
N. Eoin 10:7
Thuirt Iosa ma ta riu a rithist: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gur mise dorus nan caorach.
Explore N. Eoin 10:7
11
N. Eoin 10:12
Ach am fear-tuarasdail, ʼs esan nach e am buachaill, ʼs dha nach buin na caoraich, chi e am madadh-alluidh a tighinn, agus fagaidh e na caoraich, agus teichidh e; agus glacaidh am madadh-alluidh agus sgapaidh e na caoraich
Explore N. Eoin 10:12
12
N. Eoin 10:1
Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan nach teid a stigh do chrò nan caorach air an dorus, ach a streapas suas rathad eile, is meirleach agus creachadair e.
Explore N. Eoin 10:1
Home
Bible
Plans
Videos