Ach thuirt Peadar: Ananiais, car-son a bhuair Satan do chridhe, gu briag a dhianamh do ʼn Spiorad Naomh, us gu roinn de phris an fhearainn a chumail le foill?
Fhad ʼsa bha e agad nach bu leat fhein e? ʼs an deigh a reiceadh nach robh e na dʼ chomas fhein? Car-son a dhealbh thu so na dʼ chridhe? Cha n-ann do dhaoine, ach, do Dhia a rinn thu briag.
Us Ananias a cluinntinn nam facal so, thuit e sios, agus thilg e an anail. Us thuit eagal mor orrasan uile a chuala e.