An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain.
Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich.
Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.