Mar sin, bhon as e a chlann ghràdhach fhèin a th'annaibh, bu chòir dhuibh a bhith a' leantainn eisimpleir Dhè. Bithibh beò ann an gràdh, dìreach mar a ghràdhaich Crìosd sinne, 's a thug e thairis a bheatha fhèin as ar leth na tabhartas agus na h‑ìobairt chùbhraidh a thug toileachadh do Dhia.