1
Sailm 91:2
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
Their mi a-nis mu thimcheall Dhè, mo thèarmann e, ’s mo neart; Mo dhaingneach: cuiream dòchas ann: mo Dhia, ’s e Dia nam feart.
Compare
Explore Sailm 91:2
2
Sailm 91:1
An neach sin tha na thàmh gach uair an ionad uaigneach Dhè, Fo sgàil an Uile-chumhachdaich buan-chòmhnaidh nì gach rè.
Explore Sailm 91:1
3
Sailm 91:15
Gairidh e orm, is freagram e: na thrioblaid bitheam leis; Onair is urram bheir mi dha, is fuasglam air gu deas.
Explore Sailm 91:15
4
Sailm 91:11
Oir bheir e àithn’ da ainglibh, chum ad ròd gun dìon iad thu.
Explore Sailm 91:11
5
Sailm 91:4
Le ’itich nì e d’fhalach fòs, bidh d’earbsa fo a sgèith; Is fhìrinn bidh na targaid dhut, mar sgèith dod dhìon gach rè.
Explore Sailm 91:4
6
Sailm 91:9-10
A chionn gun d’roghnaich thusa Dia, mar chòmhnaidh dhut gach àm, An Dia ud tha na thèarmann dhomh, ’s e ’n Tì as àirde th’ann: Aon olc chan èirich dhut; is plàigh dod fhàrdaich cha tig dlùth.
Explore Sailm 91:9-10
7
Sailm 91:3
Gu dearbh o rib’ an eunadair nì esan fuasgladh ort, Is nì do shaoradh mar an ceudn’ on phlàigh tha gràineil goirt.
Explore Sailm 91:3
8
Sailm 91:7
Bidh mìle tuiteam sìos rid thaobh, deich mìle fòs rid dheis; Ach olc dhiubh siud cha tig ad chòir no ’m fagas dhut am feasd.
Explore Sailm 91:7
9
Sailm 91:5-6
Fa chùis an uamhais anns an oidhch’ cha bhi ort geilt no sgàth; No fòs fa chùis na saighde bhios a’ ruith air feadh an là: Cha bhi maoin eagail ort ron phlàigh tha triall an dorchadas: No fòs fa chùis an uilc a bhios mu mheadhon-là ri sgrios.
Explore Sailm 91:5-6
Home
Bible
Plans
Videos