1
Sailm 18:2
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
Mo charraig Dia gu ceart, Mo dhaingneach, is mo Shlànaighear: mo Thighearn, is mo neart: An tì san cuir mi dòchas fòs, mo thargaid is mo sgiath, Adharc mo shlàinte e gu beachd, mo bhaideal àrd ’s e Dia.
Compare
Explore Sailm 18:2
2
Sailm 18:30
Ach Dia, a ta a shlighe ceart, is dhearbhadh facal Dhè; Don uile dhream a dh’earbas as, gan dìon is targaid e.
Explore Sailm 18:30
3
Sailm 18:3
Nis goiream air an Tighearna, don dlighear moladh sìor: Mar sin om eascairdibh gu lèir coimheadar mi gu fìor.
Explore Sailm 18:3
4
Sailm 18:6
Am èiginn ghoir mi air mo Thriath, dh’èigh mi gu h-àrd lem ghlaodh: Is as a theampall naomha fhèin dh’èisd e mo ghuth gu caomh. Na fhianais is na èisdeachd fhèin, mo ghlaodh do ràinig suas
Explore Sailm 18:6
5
Sailm 18:28
Oir lasaidh tu mo choinneal dhomh, is nì mo Dhia ’s mo Rìgh Mo dhorchadas a shoillseachadh, chum soilleir glan gum bi.
Explore Sailm 18:28
6
Sailm 18:32
An neach a nì mo shlighe ceart, ’s a bheir dhomh neart, ’s e Dia.
Explore Sailm 18:32
7
Sailm 18:46
Dia beò a ta, beannaicht’ gu robh mo charraig fhèin gu bràth: Is Dia mo shlàinte; bitheadh e air àrdachadh a-ghnàth.
Explore Sailm 18:46
Home
Bible
Plans
Videos