1
Mata 19:26
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Ach sheall Ìosa orra agus thuirt e, “Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha a h‑uile sìon comasach.”
Compare
Explore Mata 19:26
2
Mata 19:6
Mar sin chan eil iad tuilleadh nan dithis, ach nan aon fheòil. Mar sin, na chuir Dia còmhla, na sgaradh duine.”
Explore Mata 19:6
3
Mata 19:4-5
Fhreagair e, “Nach do leugh sibh, an t‑Aon a chruthaich iad anns an toiseach, ‘rinn e fireann agus boireann iad’ agus thuirt e, ‘Air an adhbhar seo fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus aonaidh e ri bhean, agus bidh an dithis nan aon fheòil’?
Explore Mata 19:4-5
4
Mata 19:14
Ach thuirt Ìosa, “Leigibh le na leanabanan, agus na cuiribh bacadh orra on a bhith a' tighinn thugam, oir is ann dhen leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.”
Explore Mata 19:14
5
Mata 19:30
Ach bidh mòran a th' air thoiseach air dheireadh, agus air dheireadh a bhios air thoiseach.”
Explore Mata 19:30
6
Mata 19:29
Agus a h‑uile neach a dh'fhàg taighean no bràithrean no peathraichean no athair no màthair no clann no achaidhean air sgàth m' ainme‑sa, gheibh e a cheud uiread agus sealbhaichidh e a' bheatha shìorraidh.
Explore Mata 19:29
7
Mata 19:21
Thuirt Ìosa ris, “Mas e do thoil a bhith coileanta, thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh; agus trobhad 's lean mise.”
Explore Mata 19:21
8
Mata 19:17
Agus thuirt esan ris, “Carson a tha thu a' faighneachd dhòmhsa mu na tha math? Chan eil ann ach an t‑Aon a tha math. Mas e do thoil a dhol a‑steach dhan bheatha, cùm na h‑àitheantan.”
Explore Mata 19:17
9
Mata 19:24
A‑rithist tha mi ag ràdh ribh, tha e nas fhasa do chàmhal a dhol tro chrò snàthaid na do dhuine beairteach a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.”
Explore Mata 19:24
10
Mata 19:9
Agus tha mise ag ràdh ribh, ge b' e a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais.”
Explore Mata 19:9
11
Mata 19:23
Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, tha e doirbh do dhuine saidhbhir a dhol a‑steach do rìoghachd nèimh.
Explore Mata 19:23
Home
Bible
Plans
Videos