1
Lùcas 22:42
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ag ràdh, “Athair, ma tha thu deònach, thoir uam an cupa seo. A dh'aindeoin sin, chan e mo thoil‑sa, ach do thoil‑sa, gun robh dèante.” [
Compare
Explore Lùcas 22:42
2
Lùcas 22:32
Ach tha mise air ùrnaigh a dhèanamh air do shon‑sa nach fàg do chreideamh thu. Agus nuair a tha thu air tionndadh air ais, neartaich do bhràithrean.”
Explore Lùcas 22:32
3
Lùcas 22:19
Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”
Explore Lùcas 22:19
4
Lùcas 22:20
Agus anns an aon dòigh an cupa, às dèidh dhaibh ithe, ag ràdh, “Is e seo cupa a' chùmhnaint nuaidh nam fhuil‑sa, a tha air a dòrtadh air ur son‑se.
Explore Lùcas 22:20
5
Lùcas 22:44
Agus ann an àmhghar, rinn e ùrnaigh na bu dhùrachdaiche, agus bha am fallas aige mar bhoinnean mòra fala a' tuiteam sìos air an talamh.]
Explore Lùcas 22:44
6
Lùcas 22:26
Ach na bithibh‑se mar sin. An àite sin biodh an neach as motha nur measg mar an neach as òige, agus an ceannard mar esan a tha a' frithealadh.
Explore Lùcas 22:26
7
Lùcas 22:34
Thuirt Ìosa, “Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì tursan gur aithne dhut mi.”
Explore Lùcas 22:34
Home
Bible
Plans
Videos