1
Lùcas 19:10
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte.”
Compare
Explore Lùcas 19:10
2
Lùcas 19:38
ag ràdh: “Is beannaichte an Rìgh a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna! Sìth ann an nèamh agus glòir anns na h‑àrdan!”
Explore Lùcas 19:38
3
Lùcas 19:9
Agus thuirt Ìosa ris, “Thàinig slàinte an‑diugh chun an taighe seo, a chionn 's gur e mac do dh'Abrahàm a th' anns an duine seo cuideachd.
Explore Lùcas 19:9
4
Lùcas 19:5-6
Nuair a thàinig Ìosa dhan àite, sheall e suas agus thuirt e ris, “A Shachèuis, dèan cabhag 's thig a‑nuas, oir an‑diugh feumaidh mi fuireach aig do thaigh.” Mar sin, a' dèanamh cabhaig, thàinig e a‑nuas agus ghabh e ris gu h‑aoibhneach.
Explore Lùcas 19:5-6
5
Lùcas 19:8
Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.”
Explore Lùcas 19:8
6
Lùcas 19:39-40
Thuirt cuid dhe na Pharasaich on t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, cronaich do dheisciobail!” Agus fhreagair esan, “Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin sàmhach, gun èigheadh na clachan a‑mach.”
Explore Lùcas 19:39-40
Home
Bible
Plans
Videos