1
Lùcas 17:19
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Agus thuirt e ris, “Èirich is thalla, shlànaich do chreideamh thu.”
Compare
Explore Lùcas 17:19
2
Lùcas 17:4
Agus ma pheacaicheas e nad aghaidh seachd uairean anns an latha, ma thilleas e thugad seachd uairean ag ràdh, ‘Tha aithreachas orm,’ thoir mathanas dha.”
Explore Lùcas 17:4
3
Lùcas 17:15-16
An uair sin, nuair a chunnaic aon dhiubh gun deach a leigheas, thill e air ais, a' toirt glòir do Dhia le guth àrd, agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.
Explore Lùcas 17:15-16
4
Lùcas 17:3
Thugaibh an aire dhuib' fhèin. “Ma pheacaicheas do bhràthair, cronaich e, agus ma nì e aithreachas, thoir mathanas dha.
Explore Lùcas 17:3
5
Lùcas 17:17
An uair sin fhreagair Ìosa, “Nach deach deichnear a ghlanadh? Càit a bheil an naoinear eile?
Explore Lùcas 17:17
6
Lùcas 17:6
Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.
Explore Lùcas 17:6
7
Lùcas 17:33
Ge b' e a dh'iarras a bheatha fhèin a ghleidheadh, caillidh e i, agus ge b' e a chailleas a bheatha, sàbhailidh e i.
Explore Lùcas 17:33
8
Lùcas 17:1-2
Thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Chan urrainn nach tig buairidhean gus a bhith a' peacachadh, ach is mairg dhàsan tron tig iad. B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo.
Explore Lùcas 17:1-2
9
Lùcas 17:26-27
“Dìreach mar a bha ann an làithean Nòah, mar sin cuideachd bithidh ann an làithean Mhic an Duine. Bha iad ag ithe agus ag òl, a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an latha anns an deach Nòah a‑steach dhan àirc, agus thàinig an dìle is sgrios i iad uile.
Explore Lùcas 17:26-27
Home
Bible
Plans
Videos