Mar sin, cuideachd, tha sibh brònach a‑nis, ach chì mise a‑rithist sibh agus nì ur cridhe aoibhneas, agus cha toir neach sam bith ur n‑aoibhneas uaibh. Air an latha sin chan iarr sibh rud sam bith ormsa. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè a dh'iarras sibh air an Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e.