1
Taisbeanadh 3:20
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.
Compare
Explore Taisbeanadh 3:20
2
Taisbeanadh 3:15-16
Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth. Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.
Explore Taisbeanadh 3:15-16
3
Taisbeanadh 3:19
A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.
Explore Taisbeanadh 3:19
4
Taisbeanadh 3:8
Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm.
Explore Taisbeanadh 3:8
5
Taisbeanadh 3:21
Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.
Explore Taisbeanadh 3:21
6
Taisbeanadh 3:17
Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd
Explore Taisbeanadh 3:17
7
Taisbeanadh 3:10
A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.
Explore Taisbeanadh 3:10
8
Taisbeanadh 3:11
Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn.
Explore Taisbeanadh 3:11
9
Taisbeanadh 3:2
Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.
Explore Taisbeanadh 3:2
YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy
Home
Bible
Plans
Videos