1
Taisbeanadh 1:8
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.
Compare
Explore Taisbeanadh 1:8
2
Taisbeanadh 1:18
Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.
Explore Taisbeanadh 1:18
3
Taisbeanadh 1:3
Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.
Explore Taisbeanadh 1:3
4
Taisbeanadh 1:17
Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.
Explore Taisbeanadh 1:17
5
Taisbeanadh 1:7
Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
Explore Taisbeanadh 1:7
YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy
Home
Bible
Plans
Videos