1
Salm 143:10
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Teagaisg dhomh do thoil a dhèanamh, oir is tu mo Dhia; treòraicheadh do spiorad math mi gu tìr an ionracais.
Compare
Explore Salm 143:10
2
Salm 143:8
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Explore Salm 143:8
3
Salm 143:9
Teasairg mi om naimhdean, a Thighearna; ad ionnsaigh-sa teichidh mi.
Explore Salm 143:9
4
Salm 143:11
Air sgàth d’ainme, a Thighearna, beòthaich thusa mi; trìd d’fhìreantachd saor m’anam o theinn
Explore Salm 143:11
5
Salm 143:1
Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna; èisd rim athchuingean ann ad fhìrinn, freagair mi ann ad cheartas
Explore Salm 143:1
6
Salm 143:7
Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc.
Explore Salm 143:7
7
Salm 143:5
Is cuimhne leam na làithean o chian; tha do ghnìomharan gu lèir a’ teachd am aire; tha mi a’ beachd-smaoineachadh air obair do làmh.
Explore Salm 143:5
Home
Bible
Plans
Videos