1
Gnàth-fhacal 27:17
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 27:17
2
Gnàth-fhacal 27:1
Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.
Explore Gnàth-fhacal 27:1
3
Gnàth-fhacal 27:6
Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.
Explore Gnàth-fhacal 27:6
4
Gnàth-fhacal 27:19
Mar ann an uisge fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine.
Explore Gnàth-fhacal 27:19
5
Gnàth-fhacal 27:2
Moladh neach eile thu, agus na b’e do bheul fhèin; coigreach, agus na b’iad do bhilean fhèin.
Explore Gnàth-fhacal 27:2
6
Gnàth-fhacal 27:5
Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte.
Explore Gnàth-fhacal 27:5
7
Gnàth-fhacal 27:15
Tha sìor-shileadh uisge ann an là frasach agus bean aimhreiteach cosmhail ri a chèile.
Explore Gnàth-fhacal 27:15
Home
Bible
Plans
Videos