1
Gnàth-fhacal 12:25
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 12:25
2
Gnàth-fhacal 12:1
Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.
Explore Gnàth-fhacal 12:1
3
Gnàth-fhacal 12:18
Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice.
Explore Gnàth-fhacal 12:18
4
Gnàth-fhacal 12:15
Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.
Explore Gnàth-fhacal 12:15
5
Gnàth-fhacal 12:16
Aithnichear air ball fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach masladh.
Explore Gnàth-fhacal 12:16
6
Gnàth-fhacal 12:4
Tha bean mhath na crùn da fear; ach mar lobhadh na chnàmhan tha ise a nàraicheas e.
Explore Gnàth-fhacal 12:4
7
Gnàth-fhacal 12:22
Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd.
Explore Gnàth-fhacal 12:22
8
Gnàth-fhacal 12:26
Is fheàrr am fìrean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seachran iad fhèin.
Explore Gnàth-fhacal 12:26
9
Gnàth-fhacal 12:19
Bidh bilean na fìrinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga breugach ach car tiota.
Explore Gnàth-fhacal 12:19
Home
Bible
Plans
Videos