1
Mata 27:46
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
Compare
Explore Mata 27:46
2
Mata 27:51-52
Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan: Agus dh’fhosgladh na h‑uaighean, agus dh’èirich mòran de chuirp nan naomh, a bha nan cadal
Explore Mata 27:51-52
3
Mata 27:50
Agus nuair a dh’èigh Iosa a‑rìs le glaodh mòr, thug e suas a spiorad.
Explore Mata 27:50
4
Mata 27:54
A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
Explore Mata 27:54
5
Mata 27:45
A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.
Explore Mata 27:45
6
Mata 27:22-23
Thubhairt Pilat riu, Ciod mas eadh a nì mi ri Iosa, den goirear Crìosd? Thubhairt iad ris uile, Ceusar e. Agus thubhairt an t‑uachdaran, Carson? Ciod an t‑olc a rinn e? Ach is mò gu mòr a ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceusar e.
Explore Mata 27:22-23
Home
Bible
Plans
Videos