1
Genesis 45:5
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò
Compare
Explore Genesis 45:5
2
Genesis 45:8
A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia; agus rinn e mi am athair do Phàraoh, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Eiphit uile.
Explore Genesis 45:8
3
Genesis 45:7
Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr.
Explore Genesis 45:7
4
Genesis 45:4
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Eiphit.
Explore Genesis 45:4
5
Genesis 45:6
Oir rè an dà bhliadhna seo bha a’ ghorta anns an tìr, agus tha fhathast còig bliadhna ri teachd anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar.
Explore Genesis 45:6
6
Genesis 45:3
Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Is mise Iòseph; a bheil m’athair fhathast beò? Agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra ro a làthaireachd-san.
Explore Genesis 45:3
Home
Bible
Plans
Videos