1
Gnìomharan 20:35
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.
Compare
Explore Gnìomharan 20:35
2
Gnìomharan 20:24
Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.
Explore Gnìomharan 20:24
3
Gnìomharan 20:28
Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.
Explore Gnìomharan 20:28
4
Gnìomharan 20:32
Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.
Explore Gnìomharan 20:32
Home
Bible
Plans
Videos