1
Sailm Dhaibhidh 37:4
Sailm Dhaibhidh 1992 (ath-sgrùdaichte le litreachadh ùr)
Gabh tlachd an Dia, is bheir e dhut làn rùn do chrìdh' a‑chaoidh.
Compare
Explore Sailm Dhaibhidh 37:4
2
Sailm Dhaibhidh 37:5
Do shlighe tabhair suas do Dhia; earb ris, is bheir gu crìch.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:5
3
Sailm Dhaibhidh 37:7
Gu sàmhach fan ri Dia nan dùl, is feith le foighid leis; An tì na shligh' a shoirbhicheas, na gabh-sa farmad ris: Fa chùis an fhir a bheir gu buil a dhroch-bheairt innleachdach.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:7
4
Sailm Dhaibhidh 37:3
Cuir-sa do dhòchas ann an Dia, is dèanar maitheas leat, Mar sin sìor mhealaidh tu an tìr, 's beathaichear thu gu beachd.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:3
5
Sailm Dhaibhidh 37:23-24
Tha Dia a' stiùradh cheumannan an duine naomha chòir: Is tha e gabhail tlachd is toil da shlighe-san gu mòr. Nan tàrladh dha gun tuiteadh e, cha tilgear tur e sìos: Oir tha an Tighearna le 'làimh ga chumail suas a‑rìs.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:23-24
6
Sailm Dhaibhidh 37:6
Foillsichidh e do chòir 's do cheart, mar sholas glan nan tràth; Is amhlaidh mar àrd-mheadhon-là do bhreitheanas a‑ghnàth.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:6
7
Sailm Dhaibhidh 37:8
Leig corraich dhìot, trèig fearg: chum uilc na bi‑sa frionasach.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:8
8
Sailm Dhaibhidh 37:25
Bha mise òg, 's a‑nis an aois: is riamh chan fhaca mi Na dhìobrachan an duine còir, No shliochd ag iarraidh bìdh.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:25
9
Sailm Dhaibhidh 37:1
Lasan no campar na biodh ort mu dhaoine aingidh olc, Is na gabh farmad ris an dream a bhios a' dèanamh lochd.
Explore Sailm Dhaibhidh 37:1
Home
Bible
Plans
Videos