Лого на YouVersion
Иконка за търсене

N. Matu 10

10
X. CAIB.
Criosta cur air falbh an dà Ostal-dhiag le cumhachd miarailtean oibreachadh; a chomhairlean dhaibh.
1ʼSa gairm a dhà ostal-dhiag, thug e cumhachd dhaibh thairis air spioraid neo-ghlan, gus an cur a mach, ʼs gus iad a leigheas a h-uile eugail ʼsa h-uile easlaint.
2Agus ʼsiad so ainmean an dà ostal-dhiag. A chiad fhear Simon, ris an canar Peadar, agus Aindris a bhrathair,
3Seumas mac Shebede, us Eoin a bhrathair, Philip, ʼs Bartholomé, Tomas, agus Matu an cismhaor, Seumas Alpheuis, agus Thadeus,
4Us Simon an Canàanach, agus Iudas Iscariot a bhrath e.
5Chuir Iosa an dà fhear dhiag so air falbh, a g-àithneadh orra, a g-radh: Na rachaibh rathad nan cinneach, ʼs na gabhaibh a stigh do bhailtean nan Samaritanach:
6Ach gum bu raghnaiche leibh dol air tòir nan caorach a chailleadh de thigh Israil.
7Agus air ur siubhal, searmonaichibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais faisg.
8Leighisibh na daoine tinne, thugaibh beo na mairbh, glanaibh na lobhair, cuiribh a mach na deomhain: fhuair sibh a nasgaidh, thugaibh seachad a nasgaidh.
9Na gleidhibh òr, no airgiod, no cùineadh ʼnur sporain:
10No màla air ur turus, no dà chota, no brogan, no bata: oir ʼs fhiach an t-oibriche a bhiadh.
11Us ge bʼe air bith caithir no baile dhaʼn teid sibh a stigh, faighnichibh co an duine fiachail a tha ʼn sin, agus fanaibh an sin gus am falbh sibh.
12Agus nuair a thig sibh a stigh do thigh, beannaichibh e, a g-radh: Sith doʼn tigh so.
13Agus ma ʼs airidh an tigh sin, thig ur sith air: ach mur airidh, tillidh ur sith h-ugaibh fhein.
14Us co sam bith nach gabh ribh, no nach eisd riʼr briathran; a dol a mach as an tigh, no as a bhaile sin, crathaibh an duslach dheʼr casan.
15Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Fiachar tuille fathamais do thalamh Shodoim us Ghomorra air latha bhreitheanais, na doʼn bhaile sin.
16Seall, tha mise guʼr cur mar chaoraich am miadhon mhadadh-alluidh. Bithibh ma ta glic mar nathraichean, us aon-fhillte mar chalamain.
17Ach bithibh air ur faicill bho dhaoine. Oir liubhraidh iad sibh do chomhairlean, agus sgiursaidh iad sibh ʼnan sinagogan.
18Us bheirear air bialaobh uachdran agus righrean sibh as mo lethse, mar theisteanas dhaibh fhein ʼs dha na cinnich.
19Ach nuair a liubhras iad seachad sibh, na smaoinichibh ciamar no ciod a their sibh: oir bheirear dhuibh san uair sin, ciod a their sibh.
20Oir cha n-e sibhse a labhras, ach se Spiorad ur n-Athar a labhras unnaibh.
21Agus liubhraidh brathair a bhrathair gu bàs, ʼs an t-athair am mac; agus eiridh a chlann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad.
22Agus bheir daoine uile fuath dhuibh as leth mʼ ainmse: ach se am fear a bhuan-sheasas gus a chrioch a bhios sabhailte.
23Agus nuair a ni iad geur-leanmhuinn oirbh an aona bhaile, teichibh gu baile eile. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Nach teid sibh tromh bhailtean Israil uile mun tig Mac an duine.
24Cha n-eil an deisciopul fos cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach fos cionn a thighearna.
25Foghnaidh doʼn deisciopul a bhith mar a mhaighistir, ʼs doʼn t-seirbhiseach a bhith mar a thighearna. Ma thuirt iad Beelsebub ri fear-an-tighe, nach mua gu mor na sin ri mhuinntir?
26Uime sin na gabhaibh eagal rompa: oir cha n-eil ni am falach, nach soilleirichear: no an diomhaireachd, air nach faighear eolas.
27An ni a their mi ribh an dorchadas, labhraibh e san t-solus: agus na chluinneas sibh sa chluais, searmonaichibh e air mullach nan tighean.
28Agus na gabhaibh eagal rompasan a mharbhas a cholunn, ʼs nach urrainn an t-anam a mharbhadh: ach gum bu raghnaiche leibh eagal a bhith oirbh roimhe-san, a ʼs urrainn a cholunn agus an t-anam a sgrios ann an iutharna.
29Nach eil dà ghealbhonn gan reic air feoirlinn, ʼsa h-aon dhiu sin cha thuit gu talamh gun ur n-Athair?
30Agus tha uile fhuiltean ur cinn air an aireamh.
31Na biodh eagal oirbh ma ta: is fhearr sibhse na moran ghealbhonn.
32Uime sin a h-uile h-aon a dhʼ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh.
33Ach an neach a dhʼ aicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhaidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh.
34Na saoilibh gur ann a chur sith air talamh a thainig mi: cha n-ann a chur sithe, ach claidhimh.
35Oir thainig mi a chur duine an aghaidh athar, us nighinn an aghaidh a mathar, agus bean a mhic an aghaidh a mathar-céile.
36Agus ʼsiad naimhdean duine muinntir a thighe fhein.
37Am fear a bheir gaol dha athair no dha mhathair nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm; ʼs am fear a bheir gaol dha mhac no dha nighinn nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm.
38ʼS am fear nach glac a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-airidh e orm.
39An neach a ghleidheas a bheatha, caillidh e i; ʼs an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, gleidhidh e i.
40An neach a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa: ʼs an neach a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris-san a chuir mi.
41An neach a ghabhas faidh an ainm faidh, gheobh e duais faidh; ʼs an neach a ghabhas duine ionraic an ainm duine ionraic, gheobh e duais duine ionraic.
42Agus neach air bith a bheir cupa de dhʼuisge fuar fhein gus ol do ʼn aon is lugha dhiu sin an ainm deisciopuil, gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais.

Избрани в момента:

N. Matu 10: MacETN

Маркирай стих

Споделяне

Копиране

None

Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте