Лого на YouVersion
Иконка за търсене

II. Esdras 1

1
CAIB. I.
1Dara leabhair an fhàidh Esdrais, mhic Sharaiais, mhic Asariais, mhic Helchiais, mhic Shadamiais, mhic Shadoic, mhic Achitoib,
2Mhic Achiais, mhic Phineeis, mhic Heli, mhic Amariais, mhic Asiei, mhic Mharimoit, mhic Arna, mhic Osiais, mhic Bhorit, mhic Abisei, mhic Phineeis, mhic Eleasair,
3Mhic Aaroin, do threubh Lebhi; a bha a ʼm bràighdeanas ann an tìr nam Medach, ann an rìoghachadh Artacsercseis rìgh nam Persach.
4Agus thàinig focal an Tighearna a ʼm ionnsuidh, ag ràdh,
5Imich thusa, agus nochd dʼ am shluagh‑sa an gnìomhara peacach, agus dʼ an cloinn an aingidheachd aca a rinn iad a ʼm aghaidh; chum gu ʼn innis iad e do chloinn an cloinne‑san:
6Do bhrìgh gu ʼm bheil peacanna an aithrichean air am meudachadh annta: oir dhì‑chuimhnich iad mi, agus dhʼ ìobair iad do dhiathaibh coimheach.
7Nach mise eadhon esan a thug a mach á tìr na h‑Eiphit iad, á tigh na daorsa? ach bhrosnaich iad mi gu corruich, agus rinn iad tàir air mo chomhairlean.
8Spìon thusa as uime sin folt do chinn, agus tilg gach olc orrasan, oir cha robh iad ùmhal dʼ am lagh, ach is sluagh ceannairceach iad.
9Cia fhada ʼsa ghiùlaineas mi leò, dʼ an dʼ rinn mi a mheud do mhaith?
10Is iomadh rìgh a mhill mi air an sgàth‑san; Pharaoh le ʼsheirbhisich, agus le ʼuile chumhachd, smàl#1.10 smàl buail sìos, leag gu làr ‑ knock down, smite to the ground mi sìos.
11Mhill mi na cinnich uile rompa, agus ʼsan àird an ear sgap mi muinntir dà mhòir‑roinn, eadhon Thìruis agus Shidoin, agus mharbh mi an nàimhdean uile.
12Labhair thusa uime sin riutha, ag ràdh, Mar so a deir an Tighearna,
13Threòraich mi sibh trìd na mara, agus anns an toiseach thug mi dhuibh slighe mhòir agus thèaruinte; thug mi Maois dhuibh mar cheannard, agus Aaron mar shagart.
14Thug mi solus duibh ann am meall teine, agus rinn mi mìorbhuile mòra nʼ ur measg; gidheadh, dhì‑chuimhuich sibh mi, deir an Tighearna.
15Mar so a deir an Tighearn Uile‑chumhachdach, Bha na gearra‑goirt mar chomhar duibh; thug mi buthanna dhuibh mar dhìdean, gidheadh rinn sibh monmhor#1.15 monmhor gearan ‑ murmur, grumble, complain an sin,
16Agus cha dʼ rinn sibh buaidh‑chaithream ʼnam ainm‑sa air son sgrios bhur nàimhde; ach an còmhnuidh gu ruig an là an diugh, tha sibh fathast ri monmhor.
17Cʼ àit am bheil na nithe maithe a rinn mi dʼ ur taobh? an uair a bha ocras agus tart oirbh ʼsan fhàsach, nach do ghlaodh sibh rium‑sa?
18Ag ràdh, Cʼ arson a thug thu sinn do ʼn fhàsach so, ʼg ar marbhadh? bʼ fhearr dhuinne seirbhis a dheanamh do na h‑Eiphitich, na bàsachadh ʼsan fhàsach so.
19An sin ghabh mi truas ri ʼr caoidh, agus thug mi màna dhuibh rʼ a itheadh; uime sin dhʼ ith sibh aran nan aingeal.
20An uair a bha tart oirbh, nach do sgoilt mi aʼ charraig, agus brùchd uisgeachan ʼg ʼur sàth a mach? le duilleach nan craobh chòmhdaich mi sibh o ʼn teas.
21Roinn mi eotarraibh fearann tarbhach, romhaibh thilg mi mach na Canaanich, na Peredsich, agus na Philistich? Ciod tuilleadh a nì mi fathast air bhur son? deir an Tighearna.
22Mar so a deir an Tighearn Uile‑chumhachdach, An uair a bha sibh ʼsan fhàsach, ann an abhainn nan Amorach, air dhuibh tart a bhi oirbh, agus aʼ toirt toibheim do mʼ ainm,
23Cha tug mi teine dhuibh air son bhur toibheuma, ach thilg mi craobh ʼsan uisge, agus rinn mi an abhainn milis.
24Ciod a nì mi riut, O Iacoib? thusa, Iudah, cha ʼn nochdadh tu ùmhlachd dhomh; tionndaidhidh mi dhʼ ionnsuidh chinneach eile, agus dhoibh‑san bheir mi mʼ ainm, chum gun gléidh iad mo reachda.
25A thaobh gun do thréig sibh mi, tréigidh mise sibhse mar an ceudna; an uair dhʼ iarras sibh ormsa a bhi gràsmhor dhuibh, cha nochd mi tròcair idir dhuibh.
26Ge bʼ e cuin a ghairmeas sibh ormsa, cha chluinn mi sibh; oir thruaill sibh bhur làmhan le fuil, agus tha bhur cosa luath a dheanamh mortaidh.
27Cha do thréig sibh mar gu bʼ ann mise, ach sibh fein, deir an Tighearna.
28Mar so a deir an Tighearn Uile‑chumhachdach, Nach do ghuidh mi oirbh mar athair air a chuid mhac, mar mhàthair air a cuid nighean, agus mar bhanaltrum air a leanabaibh òga,
29Guʼ m biodh sibh ʼn ʼur sluagh dhomh‑sa, agus mise a ʼm Dhia dhuibh‑sa; gu ʼm biodh sibh ʼn ʼur cloinn dhomh‑sa, agus mise a ʼm Athair dhuibh‑se?
30Chruinnich mi rʼ a chéile sibh, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathaibh: ach a nis ciod a nì mi oirbh? tilgidh mi sibh a mach o mʼ ghnùis.
31An uair a dhʼ ìobras sibh dhòmhsa, tionndaidhidh mi mo ghnùis uaibh; oir thréig mi bhur làithean sòlaimte féill, bhur gealaichean ùra, agus bhur timchioll‑ghearranna.
32Chuir mi dʼ ur n‑ionnsuidh mo sheirbhisich na fàidhean, a ghlac agus a mharbh sibh, agus reub sibh an cuirp ʼna ʼm bloighdibh, ach am fuil iarraidh mise air bhur làmhaibh‑se, deir an Tighearna.
33Mar so a deir an Tighearn Uile‑chumhachdach, Tha bhur tigh ʼna fhàsach, tilgidh mi a mach sibh mar a nì aʼ ghaoth an t‑asbhuain.
34Agus cha bhi bhur clann sìolmhor; oir rinn iad tàir air mʼ àithne, agus rinn iad an nì a ta olc amʼ làthair.
35Bheir mi bhur tighean do shluagh a thig; sluagh ged nach cual iad umam, gidheadh nì iad na dhʼ àithn mi dhoibh.
36Cha ʼn fhac iad fàidhean sam bith, gidheadh gairmidh iad am peacanna gu cuimhne, agus aidichidh siad iad.
37Tha mi aʼ gabhail mar fhianuis gràs an t‑sluaigh a ta teachd, aig am bheil an clann bheag aʼ deanamh gàirdeachais le h‑aoibhneas: agus ged nach fhac iad mi le sùilibh corporra, gidheadh ann an spiorad tha iad aʼ creidsinn an nì a deir mi.
38Agus a nis, a bhràthair, feuch ciod an glòir; agus faic an sluagh a ta teachd on àird an ear:
39Dʼ an toir mi mar cheannardan, Abraham, Isaac, agus Iacob, Oseas, Amos, agus Micheas, Ioel, Abdias, agus Ionas,
40Nahum, agus Abacuc, Sophonias, Aggeus, Sachari, agus Malachi, ris an goirear mar an ceudna aingeal an Tighearna.

Избрани в момента:

II. Esdras 1: MacGAP

Маркирай стих

Споделяне

Копиране

None

Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте