የYouVersion አርማ
የፍለጋ አዶ

Mata 1

1
Sloinntearachd Ìosa
1Leabhar sloinntearachd Ìosa Crìosd, mhic Dhaibhidh, mhic Abrahàim:
2Ghin Abrahàm Ìsaac,
ghin Ìsaac Iàcob,
ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,
3ghin Iùdas Phares agus Sàra o Thamar,
ghin Phares Esrom,
ghin Esrom Aram,
4ghin Aram Aminadab,
ghin Aminadab Naasòn,
ghin Naasòn Salmon,
5ghin Salmon Bòas o Rachab,
ghin Bòas Obed o Rut,
ghin Obed Iese,
6ghin Iese Daibhidh an rìgh.
Ghin Daibhidh an rìgh Solamh on bhean a bh' aig Uriah,
7ghin Solamh Rebòam,
ghin Rebòam Abia,
ghin Abia Asa,
8ghin Asa Iòsaphat,
ghin Iòsaphat Iòram,
ghin Iòram Òtsiah,
9ghin Òtsiah Iòatam,
ghin Iòatam Ahas,
ghin Ahas Heseciah,
10ghin Heseciah Manaseh,
ghin Manaseh Amòs,
ghin Amòs Iòsiah,
11ghin Iòsiah Iechoniah agus a bhràithrean,
aig àm an fhògraidh do Bhàbilon.
12Às dèidh an fhògraidh do Bhàbilon:
ghin Iechoniah Salatiel,
ghin Salatiel Sorobabel,
13ghin Sorobabel Abiud,
ghin Abiud Eliacim,
ghin Eliacim Asòr,
14ghin Asòr Sadòc,
ghin Sadòc Achim,
ghin Achim Eliud,
15ghin Eliud Eleàsar,
ghin Eleàsar Matan,
ghin Matan Iàcob,
16ghin Iàcob Iòsaph, an duine aig Moire, on do rugadh Ìosa, ris an canar Crìosd.
17Mar sin b' iad na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh ceithir ginealaichean deug, agus o Dhaibhidh gu fògradh Bhàbiloin ceithir ginealaichean deug, agus o fhògradh Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir ginealaichean deug.
Ìosa Crìosd ga Bhreith
18A‑nis seo mar a bha breith Ìosa Crìosd: nuair a bha a mhàthair Moire air ceangal‑pòsaidh a dhèanamh le Iòsaph, mus tàinig iad còmhla, chaidh a faighinn torrach on Spiorad Naomh. 19Ach on a bha Iòsaph, an duine aice, ionraic agus ain‑deònach a maslachadh, chuir e roimhe a cur air falbh gu dìomhair.
20Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e. 21Beiridh i mac, agus bheir thu Ìosa mar ainm air, oir sàbhailidh esan a shluagh om peacaidhean.”
22Thachair seo uile airson 's gun deigheadh an rud a thuirt an Tighearna tron fhàidh a choileanadh, a tha ag ràdh, 23“Seallaibh, bidh an òigh torrach agus beiridh i mac, agus gabhaidh iad Emanuel air”#Isa. 7:14 (a tha a' ciallachadh, ‘Dia còmhla rinn’).
24Nuair a dhùisg Iòsaph às a chadal, rinn e mar a dh'iarr aingeal an Tighearna air: ghabh e a bhean thuige, 25ach cha do chuir e eòlas oirre gus an do rug i mac. Agus thug e Ìosa mar ainm air.

Currently Selected:

Mata 1: ATN

ማድመቅ

Share

Copy

None

ያደመቋቸው ምንባቦች በሁሉም መሣሪያዎችዎ ላይ እንዲቀመጡ ይፈልጋሉ? ይመዝገቡ ወይም ይግቡ